COMHARTaighde (Dec 2021)

A dh’ionnsaigh Mion-Litreachais: Deleuze is Guattari agus Litreachas na Gàidhlig

  • Nathaniel Harrington

DOI
https://doi.org/10.18669/ct.2021.01
Journal volume & issue
Vol. 7
p. e1

Abstract

Read online

Beachdaichidh an t‑alt seo air cleachdadh teòiridh litreachasail iar-structarail an luchd-teoìridh Fhrangaich Gilles Deleuze is Gélix Guattari, gu sònraichte an aiste ainmeil aca ‘Qu’est-ce qu’une littérature mineure?’ [‘Dé th’ ann am mion-litreachas?’]. Tòisichear le mìneachadh goirid air a’ choincheap de ‘mhion-litreachas’ agus an uair sin, a’ toirt iomradh an dà chuid air dùbhlanan a nochdas san aiste fhèin agus air breithneachaidhean o sgoilearan eile (Glissant agus Gauvin 2010, Jamison 2018, agus eile), feuchaidh an t‑alt ri ceist shònraichte a fhreagairt: ciamar a dh’fhaodadh an aiste seo — agus an teòiridh litreachasail nuadh-aimsireil is iar-nuadh-aimsireil san fharsaingeachd — a bhith cuideachail dhuinn ann a bhith a’ sgrùdadh litreachas na Gàidhlig? Bithear ag argamaid gu bheil feum aig teòiridhean a thogar ann an cànanan ceannasach air seallaidhean mhion-chànanan, a dh’fhaodas, air an dàrna làimh, cuid dhe na dùbhlanan aithnichte aca fhuasgladh agus, air an làimh eile, dùbhlanan agus dearmadan ùra a nochdadh air nach bi luchd-teòiridh chànanan ceannasach a’ smaoineachadh idir. Aig a’ cheart àm, ge-tà, bithear a’ dearbhadh gu bheil an t‑atharrachadh co-theacsa o Fhraingis gu Gàidhlig ag atharrachadh na teòiridh, cuideachd. Nithear sgrùdadh goirid air cuid de theacsaichean litreachasail Gàidhlig (dàin le Mona NicLeòid Wagner agus Lodaidh MacFhionghain agus nobhail le Aonghas Pàdraig Caimbeul), feuch ciamar a tha litreachas na Gàidhlig fhèin a’ dèiligeadh ri a staid mar ‘mhion-chànan’ agus ‘mhion-litreachas’, ann an teirmichean Deleuze is Guattari. Aig a’ cheann thall, dearbhaichear gur ann a dh’fhaodas teòiridhean litreachasail nuadh-aimsireil a bhith feumail ann a bhith a’ sgrùdadh litreachas na Gàidhlig ach gum feumar am freagarrachadh air neo an ath-chumadh ann an co-theacsa mion-chànain, agus togar ceistean nas fharsainge mu chiamar a dh’fhaodadh na teòiridhean seo a bhith feumail taobh a‑muigh an nua-litreachais a‑mhàin.

Keywords